Pé in Éirinn Í (Whoever she may be)
de Kathleen MacInnes
Ceud fàilt' air gach gleann
'S air na beanntannan mòr
'S iad a chuimhnich dhomh 'n t-àm
Ghabh mi sannt air bhith beò
Nuair a bha mi ri fonn
Còmh' ri clann 's iad ri spòrs
Mu bhruaichean nan allt
'S iad nan deann bho gach lòn
'S iomadh creag agus càrn
'S iomadh gàrradh is bruaich
Aig 'n do shìn mi ri sgàth
A huile là bhithinn fuar
'S ged bu lìonmhor mo chàirdean
Bha pàirt dhiubh gun truas
'S an tè shaothraich rim thàladh
A' cnàmh anns an uaigh
B' òg a chreach am bàs mi
Aig aois a dhà no trì
Cha b' urrainn dhomh bhith dàna
'N lùib mo chàirdean airson sìth
Nuair thugadh bhuam mo mhàthair
An uair sin dh'fhàgadh mi
Mar neach air thuar bhith bàthte
Nach b' urrainn snàmh gu tìr
Ghabhainn comhairle gach aon
'S dh'fhàg siud faoin mi nam dhòigh
'S mi falbh mar a dh'fhaodainn
Tro shaoghal nam beò
Chuir mi ùidh anns gach sìon
A bhiodh a' riarachadh m' fheòil
'S cha robh càs a bh' ann riamh
Nach robh triall air mo thòir
'S cluinnidh mise daonnan
Aig daoine nach eil òg
Gur lèir dhaibh mar tha 'n saoghal
A' caochladh cho mòr
'S gur e fìor dhuine dall
Bhiodh a' samhlachadh stòir
Ri beatha chlann nan daoine
Nach fhaod fuireach beò
Ach seo cuimhneachan dom chàirdean
An là bheir mi suas
'S don mhuinntir nì mi fhàgail
Anns an fhàsaich air chuairt
Bidh bàrdachd Chlann Dòmhnaill
Na ceòl aig an t-sluagh
Là nach cluinn sibh mo chòmhradh
Is mo chòmhnaidh san uaigh
Más canciones de Kathleen MacInnes
-
Duthaich MhicAoidh
Summer Dawn
-
Tha Sneachd’ air Druim Uachdair
Cille Bhrìde
-
Thugainn a Bhlàrag
Cille Bhrìde
-
Dh'erich Mi Moch Madainn Cheitein
Summer Dawn
-
Òran an t-Saighdeir Ghàidhealaich
Cille Bhrìde
-
Oran Na Cloiche (Song of 'The' Stone)
Transatlantic Sessions - Series 5: Volume One
-
Oran na Cloiche
Summer Dawn
-
Teanga Binn mo Mhàthair
Cille Bhrìde
-
Fhir an Leadain Thlàith
Cille Bhrìde
-
Horo Illean
Cille Bhrìde
-
Gur Milis Mòrag
Cille Bhrìde
-
Comunn Uibhist ‘s Bharraigh
Cille Bhrìde
-
Fear a’ Chota Ruaidh
Cille Bhrìde
-
Shìos an Taigh an Tòraidh
Cille Bhrìde
-
Faca Tu’n Coileach? (Coileach Catriona Chalum)
Cille Bhrìde
-
Oran a ‘Phrionnsa
Cille Bhrìde
-
A’ Ghrian
Cille Bhrìde
-
Bha Mise Raoir air an Airigh
Summer Dawn
-
The Boys of 25 / The Glass of Beer
Transatlantic Sessions - Series 5: Volume One